Air uchdan eadar Macherado ‘s Kiliomeno
Ri linn dealachadh-nan-tràth,
‘S e tha mi dèanamh
A-mach ach an solas
Mu thràigh Kalamaki ‘s Laganas
Mun fhàire bho dheas
Agus thar Caolas Ionia
Thall ud tha na beanntan
‘S a’ chuid eile de na h-Eileanan A-staigh.
Cho luath ‘s a nochdas
Am fosgladh às an taobh siar
San eadar-dhà-sholas a tha ‘n seo,
Siud a’ tighinn ris
Na taighean geala –
‘S e chanadh neach
Gur h-e bh’ aige Taigh Eòghainn
Is Taigh Alastair
Is Taigh Eachainn ‘icAonghais.
Open the original version of this page.
Usablenet Assistive is a UsableNet product. Usablenet Assistive Main Page.